mercredi, juin 27, 2012

A' Ghaoth san Luachair

"A' Ghaoth san Luachair": 

An t-Iar-Mhòdranas bho Dhùghall Bochannan gu George W. Bush

Fearghas MacFhionnlaigh (2008)

Shoson 2 Cranes Rich
Ohara Shoson (1877 - 1945)

Ravelstein. Sin ainm leabhair a tha mi a’ leughadh. Sa Fhrangais. 'S ann le Saul Bellow, an sàr-nobhailiche Iùdhach Ameireaganach, a tha e. Bha mi ga leughadh an là eile san taigh bheag. Nuair a sheas mi thuit an leabhar sa phana. Spìon mi às gu math sgiobalta e agus steall mi dì-ghalaran air. Tha mi a’ cumail orm ga leughadh (ged a bhios mi nigheadh mo làmhan as a dhèidh!). Dh'fhàg seo mi nas mothachaile air a' bheàrn dhiamhair ud eadar corporrachd an leabhair agus neo-chorparrachd na sgeòil. Agus air a' bheàrn nas diamhaire buileach ud eadar an saoghal corporra agus an sgeul, mar gum biodh, a leughas sinn ann. Sgeul air am bi sinn a' stèidheachadh ar beatha. Sgeul a tha gu bitheanta calg-dhìreach an aghaidh sgeul an ath dhuine. Ach coma leinn. A-rèir an iar-mhòdranais ud a tha cho fàsanta an-diugh faodaidh an dithis againn a bhith ceart. Chan eil rian nach eil an fheallsanachd seo tarraingeach do luchd-poileataigs, 's iad airson sìth a chumail eadar uimhir de bharailean contrarra sa choluadair iomarrach sa bheil sinn beò. Chan ann ga càineadh a-muigh 's a-mach a tha mi, ma-tà. Chì mi gu bheil suidhichidhean ann far am faod dà thaobh a bhith ceart ged nach eil aonta eatorra. A bheil cuimhne agad air an sgeul a dh'ionnsaich cuid againn san sgoil mun t-seachdnar dhaoine dalla a bhuail ann an ailbhean? Shaoil an duine an tac an trunca gu robh a' bheathach gu math coltach ri nathair. An duine a ghabh grèim air an earball gu robh an t-ainmhidh coltach ri ròpa. Agus mar sin air adhart. Bha an tosg coltach ri sleagh. A' chluas ri gaotharan. A' ghlùn ri craoibh. A' chliathaich ri balla. Mar sin, bha sgeul a h-uile duine ceart agus ceàrr. Ceart ann an dòigh bheag. Ceàrr ann an dòigh mhòr.


Tha eisimpleir eile dhen aon t-seòrsa againn le cànanan. Chan eil dà chànan ann a tha ag innse an aon sgeòil mun t-saoghal. Uime sin, mar as lìonmhoire na cànanan a th' againn (gu pearsanta agus gu h-eadar-nàiseanta), 's ann as fheàrr. 'S ann as fhaisge 's dh'fhaodas sinn tighinn dhan t-saoghal mar a tha e dha-rìribh. Dhan fhìor shaoghal. Dhan Sgeul Mhòir. Ach seo a-nise cnag na cùise: bho thaobh an iar-mhòdranais chan eil Sgeul Mòr ann. Chan eil ann ach ar sgeulachdan beaga pearsanta. Ann an dòigh, bho thaobh iar-mhòdranais, chan eil Ailbhean oibseigeach ann. No, ma thà Ailbhean oibseigeach ann, chan fhaigh sinn nas fhaisge air na ar tuairisgeulan suibseageach: gaotharan, ròpa, balla, sleagh, craobh. Tha fhios nach eil seo a' còrdadh ris a' mhòrchuid de luchd-saidheans. Mar a bhiodh sinn an dùil, tha iadsan dhen bheachd gu bheil ailbheanan oibseigeach ann gun teagamh sam bith, agus ma sheasas fear air do chois no air do cheann cha sàbhail feallsanachd sam bith thu. Deagh argamaid. Tha mi ag aontachadh ris. Tha agus thu fhèin, tha mi 'n dùil. Ach, a dh'aindeòin m' aonta ri seo, tha mi faicinn a-rithist ìre co-dhiù dham faod saidheans (na ghnàth-riochd an là an diugh) a bhith ceàrr, agus iar-mhòdranas ceart.
Herman Dooyeweerd


'S fhada bhon a ghabh mi ùidh anns an fheallsanach Chrìosdaidh Dhùidseach Herman Dooyeweerd (1894-1977). Thuirt Dooyeweerd gun gabh an cosmos a sgrùdadh gu teòiriceach bho chaochladh phuingean-seallaidh. 'S e "àireamhachd", mar eisimpleir, an raon as bunaitiche. An uair sin, ann an rangachd a tha sìor fhas nas casta, gheibh sinn "farsaingeachd", "gluaiseachd", "fiosaigeachd", "fàs-bheairteachd", agus "mothachas". Os cionn seo tha raointean a bhuineas ri loidsig, eachdraidh, cànan, coluadair, eaconamas, estètig, lagh, agus dearbh-bheachd. Còig raointean deug uile gu lèir, agus meur eadar-dhealaichte de shaidheans stèite air gach fear dhiubh. Cha ghabh, ann am beachd Dooyeweerd, raon sam bith dhen chòig deug seo a lùghdachadh gu fear eile. Chìthear sa bhad cho diofraichte 's tha seo bho phrìomh-sheasamh saidheans an là an diugh 's e cho deiseil a h-uile càil a lùghdachadh dhan raon fhiosaigeach. Air chinnte, tha an t-iar-mhòdranas ri mholadh airson a bhith cur an aghaidh an lùghdachaidh seo. Ach ri chàineadh a chionn 's gu bheil an t-iar-mhòdranas fhèin a' lùghdachadh a h-uile càil gu raon singilte eile: eachdraidh. Tha an t-iar-mhòdranas am bogadh ann an suibseigeachd agus dàimheachd. Chan eil absolutan ri fhaighinn ann an iar-mhòdarnas a chionn 's gu bheil absolutan air taobh a-muigh na h-eachdraidh.

Bho thaobh thall èirigh na grèine thàinig mi,
bho thaobh thall bearraidhean na h-inntinne,
bho fhàire gu fàire chì mo shùilean, sgaoilidh mi sgiathan.

Is mise an Fhìrinn thar-dhìreadhail, a bhuaileas
bho na h-àirdean 's a ghearras gu ruig an cnàimh.
Chan eil grèim ri ghabhail orm. Is mise Iolair.

(Bho Iolair, Bhùdhearg, Giuthas, Oilthigh Ghlaschu, 1991, t-d 1)

Chan e Ravelstein an aon leabhar a tha mi ris, ge-tà. 'S ann ainneamh a bhios mi leughadh aon leabhar aig an aon àm. Mar as trice bidh mi an sàs ann an trì no ceithir. Agus ann an diofar chànanan. Nuair a thòisich mi air a' Ghàidhlig ionnsachadh (mu 1965), cha robh for sam bith agam gu robh an cànan seo ri uchd a' bhàis. Bha mi an dùil gum biodh litreachas an t-saoghail ri fhaighinn ann. Cha robh. Seach bùth bheag Gairm gu h-àrd shuas an clobhsa ud air Sràid Uatairliù (agus gun taic Ruaraidh MhicThòmais cha chreid mi gum bithinn air cumail orm a' feuchainn ris a' Ghàidhlig a sgrìobhadh), thadhlainn air bùithtean de sheann leabhraichean ann an Glaschu is Dùn Èideann. A-nis 's a-rithist, fhuair mi mo làmhan air seann leabhar air choreigin - leabhar cràbhach mar a bu trice - Dugald Buchanan: His Life & Hymns - Written by himself. No leabhraichean eadar-theangaichte bho Bheurla liosta nam Piùratanach o chionn linn nan con - "Owen on Psalm CXXX (Gaelic)" - "Slightly abridged, with a view the more easily to bring the rich evangelical treasures contained in it to the hands of the general Gaelic reader". No "Boston's Fourfold State (Gaelic)" - "Well calculated for general usefulness throughout the Highlands of Scotland, and also in the colonies, where so many of our countrymen are now located". Gun sgeul air na leabhraichean seo gu robh iad anns a' Ghaidhlig idir gus an deach am fosgladh. Chuir e ioghnadh mòr orm gu robh tiotalan agus ro-ràdhan nan leabhraichean Gàidhlig seo sa Bheurla a-mhàin. Am b' e seòrsa de lùbadh-glùine a bha seo dha na h-urracha mòra? Comharra nach robh càil sam bith sgàinnealach no reabhlaideach nam broinn. Càil ach modh is ùmhlachd do Dhia 's dhan Rìgh. Thòisich mi air na leabhraichean aosda seo, ach fhuair mi an stoidhle sgrìobhaidh cho leamh.

Thionndaidh mi gu Gaeilge na h-Eireann, 's mi 'n dùil gum biodh litreachas an t-saoghail mhòir ri leughadh sa chànan ud. Cha robh a bharrachd. Tha fhios nach robh mi ach òg is aineolach sna 1960an. 'S ann às a' Ghalldachd a bha mi. Taobh deas Loch Laomainn. Am Magh Leamhna. Bha an sgìre seo loma-làn Gàidhlig aig aon àm. Dè am pàirt de dh'Alba nach robh? Ghabh Muireadhach Albannach Ó Dálaigh ainmeil còmhnaidh sa Mhagh Leamhna san 13mh linn. Sgrìobh e dàn sna mhol e Rìgh Leamhna, ga chur an dàimh ris an Abhainn Leamhain (anns na shnàmh mi nam òige). Tha i sruthadh bho Loch Laomainn a-steach dhan Chluaidh aig Dùn Breatann. Seo dhut mìr dhen dàn:

Mórmhaor Leamhna leaca mhín
deagh mhac ingheine Ailín
a gheal-lámh, a thaobh, a throigh:
saor do leannán, a Leamhaín.


Michael.Newton_Stfx.32580
Michael Newton
'S e an leabhar Bho Chluaidh gu Calasraid (Acair, 1999) leis an Ameireaganach Micheal Newton a thug an dàn seo dham aire (t-d 44). Cha robh sgeul air a' Ghàidhlig nam là-sa. Cha robh guth oirre. Taobh a-staigh na sgoile no taobh a-muigh. ’S ann bho leabhar Newton a dh'ionnsaich mi rud eile a chuir iongantas orm. B' ann am meadhan an fhicheadamh linn fhèin a chaochail an labhraiche Gàidhlig dualchasach mu dheireadh taobh Loch Laomainn. Rugadh mi fhìn sa Mhagh Leamhna mun dearbh àm sin. Ann an 1948. Smaoinich cho faisg 's a bha mi air an lòchran ud a ghlacadh ’s e tuiteam à làimh a' Ghaidheil ghasda gun urra a bha siud. Co-dhiù, thòisich mi air a' chànan ionnsachadh nuair a bha mi timcheall air 16 bliadhna dh'aois. Chleachd mi seann leth-bhreac reubte de ghràmar MhicLabhrainn a lorg mi, gu h-iongantach, aig an taigh. Dìleab sheanair ris nach do choinnich mi, ar leam. Agus Bìoball. Agus cùrsa-ionnsachaidh air clàir, bho Alba Nuadh. Mar sin, bha blàs Canèidianach air a' chiad Ghàidhlig a chuala mi.

Tha mi air iongantas a ghabhail dè cho coma 's tha cuid de Ghàidheil oileanta a-thaobh eadar-theangachadh litreachas an t-saoghail dhan Ghàidhlig. "Seall a' mhearachd a rinn na h-Eireannaich - a' pàigheadh nan sgrìobhadairean as comasaiche aca a bhith tionndadh nobhailean faoin bhon Bheurla dhan Ghaeilge, seach a bhith cruthachadh an cuid obrach fhèin". Agus "'S urrainn dhuinn an stuth seo a leughadh sa Bheurla fhèin co-dhiù". "Thalla, ma tà,” chanainn-sa, “'S thoir sùil air an leabhar glic Beurla ud, 1984 le Seòras Orwell”:

The purpose of Newspeak was not only to provide a medium of expression for the world-view and mental habits proper to the devotees of Ingsoc, but to make all other modes of thought impossible. It was intended that when Newspeak had been adopted once and for all and Oldspeak forgotten, a heretical thought - that is, a thought diverging from the principles of Ingsoc - should be literally unthinkable, at least so far as thought is dependent on words. (George Orwell, Nineteen Eighty-Four, Harmondsworth, 1968, pp. 241-2.)
george-orwell-2 1984
George Orwell
Air cho farsaing 's a tha a' Bheurla, chan eil innte air a' cheann thall ach fang eile na h-inntinne. Nach mithich dhuinn beagan creachan litreachais a thogail air na Goill? Can gu robh nobhailean gu lèir Scott againn sa Ghàidhlig. Nach dèanadh sin feum? Thuirt Gore Vidal "I learned how to write historical fiction from Sir Walter Scott" (The Guardian 24 Cèitean 2008). No nobhailean Stevenson. Lanark le Alasdair Gray. Docherty le McIlvanney. 'S mar sin air adhart. Thuirt George Steiner ann an Language and Silence, na mhac-talla air Orwell, gun do mhill na Nàsaich an Gearmailtis airson bàrdachd. Dè an ìre, ma-tà, 's tha ar cuid smuaintean crochte air ar cànan, is cuingealaichte ri stòras ar faclan pearsanta? Is e sin a' cheist a dh'èirich nam inntinn òg aig Acadamh a' Mhagh Leamhna. Chunnaic mi gu soilleir dè bha a’ tachairt. Bha ar siostam fòghlaim a dh'aona-ghnothach a' cur às do chainnt Albannach 's bha e a' spàrradh oirnn Beurla na àite. Ann an seagh bhatar a' dèanamh "all other modes of thought impossible" dhuinn. Tha deagh chuimhne agam air na loidhnichean dearga a dhubh às corra fhacal ann an aistidhean a sgrìobh mi airson ar clas Beurla. "Scotticism" sgrìobhte ri oir a' phàipeir. Dè bu chiall dhan loidhne dhearg ud ach "unthinkable"? Seach sùil a thoirt air "Tam O' Shanter" agus "The Cotter's Saturday Night" le Burns, cha robh guth fiù 's air litreachas na Galldachd fhèin. Chaucer, Shakespeare, Milton, Addison, Gray, seagh. Sàr-sgrìobhaichean a bh' annta uile agus àraidh air an dlùth-leughadh. Ach càit an robh na sgrìobhaichean barraichte ud a bhruidhinn le ar blàs fhèin? Cha robh guth air Barbour, no Henrysoun no Gavin Douglas no Dunbar. 'S ann aig an taigh a thòisich mi air iadsan seo a leughadh:

No stait in erd heir standis sickir;
As with the wynd wavis the wickir,
Wavis this warldis vanite;
Timor mortis conturbat me.1

(William Dunbar, "Lament for the Makaris: Quhen He Wes Sek", Poems of William Dunbar, Faber, 1970, t-d 20)

"The Murder Machine". 'S e sin a thug Pádraic Pearse air an t-siostam fòghlaim a stèidhich na Sasannaich ann an Eirinn (mholainn gu mòr ri linn seo an dealbh-chluich cumhachdach Translations le Brian Friel). Nam bheachdsa mar dheugaire bha faclan ud a' Phiarsaich freagarrach (a thaobh chànanan agus litreachais) do shiostam fòghlam na h-Alba. Siostam gu dearbh nach robh air a ruith le Sasannaich, ach le Albannaich a chreid gu cùl ann an sealladh-saoghail ("Sgeul Mòr") nan Sasannach. Siostam a dh’fhosgail beàrn mhòr eadar Albannaich agus an cainnt fhèin. Bho Achd Fòghlam 1872 a-mach bha "oideachas" co-ionnan ri "Beurla". Cha robh sa Ghàidhlig ach sèorsa de chainnt Apache air diochuimhne am measg chnoc iomallach tìme. Fad às. Fann. Faoin. Unthinkable. Chaidh ar cànanan fhèin a thachdadh às ar sgàmhanan 's às ar n-anaman, gar fàgail ann an liombo a-thaobh dearbh-aithne. Thuirt François Mitterand uair: "Un peuple qui perd ses mots n'est plus entendu de personne".2 An sgrìobhaiche Philipe de Saint Robert: "Et par malheur ne s'entend plus lui-même".3 Agus Lucien Bouchard, na thosgaire Chanada dhan Fhraing: "Pour nous, Canadiens, la Francophonie n'est pas seulement une façon de vivre - c'est une façon de survivre" (L'Express).4

'S ann an Canada a chuala mi Fraingis an tòiseach. Grade 5 ann am bunsgoil Cherrywood ann an Toronto. Thòisich Mr Rands a' bruidhinn Fraingis ri boireannach òg shnog a thàinig a-steach dhan t-seòmar. Bha i air a h-èideadh ann an dearg, mas math mo chuimhne. Sìoda geal mu a h-amhaich...

saul-bellow-190x277 8472-medium
Saul Bellow
Rugadh Saul Bellow ann an Lachine, Québec, ann an 1915. 'S ann bho St. Petersburg san Rùis a thàinig a phàrantan Iùdhach. Nuair a bha e 9 bliadhna dh'aois thog an teaghlach orra do Chicago. Caran an aon aois rium fhìn nuair a thill mi bho Ontario gu Alba. Turas trèana agus aiteal de thaighean dathach Québec. Bhòidse luinge suas Abhainn Naomh Labhrans. An Cuan Siar. Ataireachd uile-làthaireach an dubh-aiginn gam chur fo gheasaibh. An ceann seachdainn a' dlùthachadh ri Grianag. Balach na chabhag air rothar fad còsta cian na Linne Cluaidh. Saoil am biodh Saul Bellow air sgrìobhadh ann an Fraingis seach Beurla mura b' e an gluasad ud do Chicago?

‘Rotal (1)’

Cò bh' ann a' Marco Polo?
Càit an robh Cathay?

Dè an àird a ghabh Magellan?
An tug Vasco da Gama buaidh?

Dè an riochd a bh' air Leif Ericson?
An robh Vinland fuar no blàth?

An Cabot ud, Sebastian...
Na mhac aig Iain...? No ogha...?

Taobh Labrador a thriall iad
(mur ann air iomrall a chaidh mo chiall).

Ged a sheòl mi leò nam òige
Chaill mi taic riù gus an-dràst.

Siud an rotal caol air fàire.
Snàth-sìoda gealach-shnìomht.

Marcan-sìne cèine
gam thaiseachadh a-rithist.

Siaban cùbhraidh a' frasadh orm
mar bhlàthan geala sirist.

(An Guth 5, deas. le Rody Gorman, 2008, t-d 95)


jack 9782070367665
Jack Kerouac
'S e leabhar eile a tha mi a’ leughadh, Sur la Route le Ameireaganach-Québecois eile, Jack Kerouac. Rugadh Kerouac ann an Lowell, Massachusetts do phàrantan Québecois. Bha cairteal de mhuinntir Lowell nan in-imrichean às Quèbec. Cha do dh'ionnsaich Kerouac Beurla gus an deach e dhan sgoil aig aois sia. Ach 's ann airson an leabhar Beurla, On the Road, gu sònraichte, a tha Kerouac iomraiteach. 'S e eadar-theangachadh gu Fraingis (le Jacques Houbart) dhen leabhar seo, a tha mise a' leughadh. Ach tha am fear-naidheachd Gabriel Anctil dìreach air obair neo-fhoillsichte ann an joual (dualchainnt Fraingis Québec) le Kerouac a lorg. Thachair Anctil air làmh-sgrìobhainn de nobhail ghoirid leis an tiotal Sur le Chemin. Chan e eadar-theangachadh de On the Road a th' ann, ach sgeul coltach ris. Tha e a’ tòiseachadh:

Dans l'mois d'octobre 1935, y'arriva une machine du West, de Denver, sur le chemin pour New York. Dans la machine était Dean Pomeray, un soûlon; Dean Pomeray Jr. son ti fils de 9 ans et Rolfe Glendiver, son step son, 24. C'était un vieille Model T Ford, toutes les trois avaient leux yeux attachez sur le chemin dans la nuit à travers la windshield.5
http://www.ledevoir.com/2008/09/04/203916.html
kenneth_white white_route
Kenneth White
Tha a' ghnè seo de leabhair a' còrdadh rium. Ùghdar air turas agus e a' beachdachadh air ciall na beatha. Oibseigeachd an rathaid agus suibseigeachd a’ bheachd. Tha an t-Albannach Kenneth White comasach san t-seònra seo, agus 's ann san Fhraingis a bhios e fhèin gu tric ag obair. Chòrd a leabhar La Route Bleu gu mòr rium. Tha White ann an Montréal. Ag iarraidh dhol gu Labrador. Ach duilgheadas aige map dhen cheàrnaidh a lorg. A-rèir coltais tha barrachd ùidh aig na Québecois ann an eachdraidh na cruinn-eòlas. Thug na sgrìobhas White fiamh a' ghàire orm:
« Je me souviens», dit la devise du Québec.
J'ai demandé à quelqu'un de quels souvenirs il s'agissait:
« Du débarquement des Anglais. »
Grand D**u! Qui se soucie encore des Anglais?
Si je me préoccupais de ce qu'ils ont fait, les Anglais, je serais toujours là-haut, dans la Vieille Calédonie, à soigner mes griefs et à écrire de longs poèmes politiques dans la langue de mes ancêtres.
Et merde! On ne peut pas rester écossais toute sa vie. Il faut savoir sortir de son trou, se mêler au monde.6
(Kenneth White, La Route Bleue, Grasset, Le Livre de Poche, 1983, td 15)
Thug seo gàire orm a chionn 's gur e sin ("à soigner mes griefs et à écrire de longs poèmes politiques dans la langue de mes ancêtres") cho faisg air na dh'fheuch mi fhìn anns "A' Mheanbhchuileag":

Tha e cur dragh orm
a dh'fhaicinn dùthaich a' dol fodha
mar chaisteal-gainmhich fon làn,
is cànan air tilgeil bhuainn
mar bhratach phàipeir a chaill a dath,
is weltanschauung7 air dearmad
mar aisling-là fhaoin,
is eachdraidh air dol à fianais
mar lorg-coise cloinne air an tràigh.
(“A’ Mheanbhchuileag”, Gairm, 1980, t-d 7)

4755844
Hugh MacDiarmid (Chris Grieve)
An dearbh rud, feumaidh mi ràdh, a rinn MacDiarmid fhèin ann an A Drunk Man Looks at the Thistle. Bha ùidh agam san sgeul gu robh compàirt aig Francis G. Scott, seann thidsear-ciùil Chris Grieve, ann a bhith cur earrannan an dàin an òrdagh. Chòrd poilèimig sgairteil toirteil Grieve rium. Chòrd agus poilèimig a' bhàird Galldais Tom Scott san iris Chapman, 's e deànamh a-mach nach robh de smior aig bàird Albannach dàin leudaichte a sgrìobhadh. Bha sin ro 1980. An ceann deich bliadhna eile bha mi a’ feuchainn ri mìrean nas lugha buileach a chur ri chèile san leabhar Bogha-frois san Oidhche. 'S e ceòl Bheethoven, seach ealain sam bith eile, a thug furtachd dhomh aig an àm ud. Agus tha cruth an leabhair an comain ris. San 9mh Simfni, ged a bhios Beethoven a’ sìor thogail air a dh'ionnsaidh an t-solais, tha uallach an dorchadais às na thàrr e air èiginn na laighe air fhathast. Aig tòiseach an t-Siansaidh tha Beethoven a’ toirt sanais san dol seachad air caochladh chuspairean. Tron obair tha e a' sìor thilleadh riù seo gus an leasachadh. 'S e sin a dh'fheuch mi fhìn a dhèanamh. Mar gum biodh tu a' rùrach tro làrach fhuar taigh loisgte. A' tachairt air mìr foto an seo, pìos ornaimint an sin. A' feuchainn ris na bloighean sgapte a chur an taic a-chèile. An tòir air co-cheangalan. Air pàtran. Air cèill. Air leighis. Amharas nach eil ciall ann ri lorg. Nach e ach leigheas fuadain a tha thu tionnsgainn le do chuid rannaigheachd. Corporrachd na sgionabhagan. Teòiric a' tuisleachadh air a lathadh ann an saoghal gun sgiathan:

Ann an trannsa an ospadail.
Mo dhruim ris a’ bhalla.
Seachad orm tha Richard a’ ruith.
Na dhotair mòr le feusaig ruaidh
is casan troma is steatasgop na chròig.

A’ ruith! A’ ruith! A’ sìor ruith!
Na choineanach geal a’ ruith seachad orm sìos tunail.
Fadalach! Fadalach! Ro fhadalach!
Agus mise mar Ailis ’s mi cho beag
’s cho bàn ri luchag.

(Bho Bogha-frois san Oidhche, Handsel Press, Carberry, 1997, t-d 42)

Beatha mar mhirean-measgte sgapte. Iomadh pìos millte. Iomadh pìos caillte. Nach eil bunailt ann? Bòrd meitifisigeach air am faod bloighean tro-chèile na beatha a thoirt còmhla gus Dealbh Mòr a shealltainn? Beàrnan ann. Beàrnan nach gabh leum. Mar a’ bheàrn àrsaidh ud eadar lagh bithbhuan agus pairtìclearan diombuan.

Sheas Nua-Chlasaigeas prionnsapalan neo-chaochlaideach an Reusain. Ach chaidh reusanachas an Reabhlaid Fhrangaich na "aintighearnas an uamhainn". Reusanachas an Reabhlaid Gnìomhachais na thràillealachd agus na shlumaichean. Rinn an Roinn Eòrpa grad-shiùdan gu pòla an neo-reusanachais. Pòla faireachdainn na mòmaid nìtheil diombuan. Pòla na pearsantachd shaoir seach pòla maisìn a’ mhuirt. Rugadh Romànsachas. Ghabh obair Walter Scott, agus Sheumas Mhic a' Phearsain, prìomh àite sa ghluasad seo. Aig deireadh an 19mh linn, bu lèir a bhuil fhathast ann am peantaireachd suibseigeach nan Imprèiseanach. Ach shir an t-iar-imprèiseanaiche Cézanne as ùr structar buan. Fo bhuaidh Cézanne phèant Picasso dealbh air leth cudromach, Les Demoiselles d'Avignon (1907).

picasso4602 avignon
Pablo Picasso Les Demoiselles d'Avignon
Bha Hans R. Rookmaaker (1922-1977) na Chàilbhineach aig an robh spèis air obair Dooyeweerd. Bha an dithis aca nan ollamhan ann an Oilthigh Saor Amsterdam - Dooyeweerd na Ollamh Feallsanachd an Lagha (1926-1965) agus Rookmaaker na Ollamh Eachdraidh na h-Ealain (1965-1977). A-thaobh dealbh Phicasso, sgrìobh Rookmaaker:
The predominant concern following this painting was for the discovery of the universal, the governing principle 'behind' the given visual image. This is what has been called analytical cubism. The forms that were visually observed were analysed and the underlying geometrical shape, cube or cone or pyramid, was discovered and painted.
(Hans Rookmaaker, Modern Art and the Death of a Culture, Intervarsity Press, 1970, td 117)
617 0891077995
Hans Rookmaaker
Ach bha Rookmaaker dhen bheachd gun do dh'fhiosraich Picasso, air a' cheann thall, briseadh-dùil san oidhirp seo. Mar a bu mhò an geoimeatras uile-choitcheann, b' ann a bu mhò call dearbh-aithne a' chuspair. Cha b' urrainn Picasso fuasgladh a lorg:
He accepted the failure, and took the consequences. There are no universals. The general, the absolute, is non-existent. And if there are no universal principles, if there are no absolutes, then...we can understand his hesitation...then this world is absurd, nonsensical, without meaning.
(Modern Art and the Death of a Culture, Intervarsity Press, 1970, td 120)
Dh'ionnsaich Marcel Duchamp an leasan. Chaidh e an sàs ann an neo-reusanachas Dada agus Os-fhìorachais:
It was Dada that tried to laugh away all that is of value in our world, a nihilistic, destructive movement of anti-art, anti-philosophy, yet with mystic overtones akin to Zen Buddhism. It could well be seen as a new gnosticism, proclaiming that this world is without meaning or sense, that the world is evil -- but with no God to reach out to, as God is dead by now.
(Modern Art and the Death of a Culture, Intervarsity Press, 1970, td 130)
beckett godot
Samuel Beckett
Bheir seo dhar cuimhne dealbh-chluich iomraiteach Beckett:

Vladimir. Écoute!
Estragon. Je n’entends rien.
Vladimir. Hsst!
Estragon. Tu m’as fait peur.
Vladimir. J’ai cru que c’était lui.
Estragon. Qui?
Vladimir. Godot.
Estragon. Pah! Le vent dans les roseaux.9

(Samuel Beckett, En Attendant Godot, Deasaichte le Colin Duckworth, Foillsichte le George G. Harrap & Co Ltd, 1966, tt-dd 13,14)

220px-Reps600dpi 416743325_279962a303
Paul Reps
A-rèir coltais tha a strì fhèin aig Zen-Budachas (air na thug Rookmaaker tarraing shuas) rèite fhaighinn eadar aon agus iomadh, suibseagachd agus oibseagachd:
Hogen, a Chinese Zen teacher, lived alone in a small temple in the country. One day four travelling monks appeared and asked if they might make a fire in his yard to warm themselves. While they were building the fire, Hogen heard them arguing about subjectivity and objectivity. He joined them and said: "There is a big stone. Do you consider it to be inside or outside your mind?" One of the monks replied: "From the Buddhist viewpoint everything is an objectification of mind, so I would say that the stone is inside my mind." "Your head must feel very heavy," observed Hogen, "if you are carrying around a stone like that in your mind."
(Zen Flesh Zen Bones, Compiled by Paul Reps, Arkana Penguin Books, 1991, t-d 71)
zen-robert-p1 Zen and the Art
Robert Pirsig
'S e Zen and the Art of Motorcycle Maintenance le Robert Pirsig leabhar ainmeil eile dhen aon gnè ri La Route Bleue le Kenneth White, agus On the Road le Jack Kerouac. Gach ùghdar air a rathad nitheil fa leth, an tòir air stèidh thar-dhìreachdail. Drochaid thar a' bheàirn. Ach san aiste "The Philosophy of Robert M Pirsig" tha Herman J. Pietersen a' smaointinn nach eil drochaid ann:
It is to be doubted whether humankind can ever escape the dialectic of the one and the many. Neither Plato and Aristotle and the whole of Western philosophy thereafter, could — hence the ongoing battle between rationalists and relativists; Platonists against Sophists; Materialists/ Empiricists against Idealists, particularists against universalists, and so on. At root all our thinking is locked in an eternal struggle between the One and the Many … To escape the one (for the many) would mean mental anarchy (the tyranny of the many, ex-plosion and disintegration, thus: insanity); to escape the many (for the one) would mean mental atrophy (the tyranny of the one, im-plosion and everlasting silence, thus: insanity).
(The Philosophy of Robert M Pirsig, Herman J Pietersen) http://www.philosophos.com/philosophy_article_118.html)
Bhiodh Dooyeweerd ag aontachadh ri Pietersen gu bheil an rathad seo a leantainn air ais dhan Ghreug àrsaidh. Ann an smaoin Aristotle tha an sgaradh eadar "cruth" is "stuth". Sna meadhon-aoisean le Thomas Aquinas, eadar "nàdar" agus "gràs". San daonnachas, eadar "nàdar" agus "saorsa": ma thug laghan neo-phearsanta nàdarra am bith sinn, cò as a thàinig ar pearsantachd saor? Nach e robotan bith-cheimigeach a th’annainn? 

ErnestoSabato 1963-el-escritor-y-sus-fantasmas400
Ernesto Sábato
Thuirt an sàr-sgrìobhaiche Airgintìneach Ernesto Sábato:
El Renacimiento produjo tres paradojas: fue un movimiento individualista que condujo a la masificación; fue un movimiento naturalista que terminó en la máquina; y, en fin, fue un humanismo que desembocó en la deshumanización.8
(Ernesto Sábato, El Escritor y sus Fantasmas, Aguilar Argentina, Buenos Aires, 1971, t-d 55)
Bha naidheachd sa Herald (21 Màirt 2008) leis an tiotal "Scientists reveal why birds know to sing in the spring". Chaidh innse dhuinn: "Genes in cells on the surface of the brain were switched on when the birds received more light, and as a result the cells started to release thyroid-stimulating hormone...causing the birds' testes to grow, which prompts them to crow to attract partners". Ach saoil an e deireadh an sgeòil a tha seo a-thaobh seinn nan eun? Bith-cheimig o thùs gu èis? Agus dè mu dhèidhinn Pavarotti, ma tà? Dè mu dhèidhinn mo mhàthar fhèin:

Brù-dhearg sa chaorainn seo, eadar mi fhèin 's a' ghrian.
'S ann an dràst a dhrùidheas e orm
cho iol-chruthach binn 's a bha do sheinn.
(Iolair, Brù-dhearg, Giuthas, t-d 8)

a344
Julian Baggini
Air an aon là sa Herald bha an t-alt "Life’s what you make it in the not-so-grand scheme of things" leis an fheallsanach Julian Baggini. Mhol Baggini na trì filmichean Monty Python (The Holy Grail, The Meaning of Life, Life of Brian) mar dheagh eisimpleirean den iar-mhòdranas: "For centuries, human beings have made sense of their lives by constructing over-arching stories which explain why we are here and why we are important. We talked of God's design, fall and salvation, finding our true purpose and so on. But we can't believe this any more…Like postmodernists, the Pythons think the age of 'grand narratives' is over." (Julian Baggini, "Life’s what you make it in the not-so-grand scheme of things" ,The Herald, 21 Màirt 2008) A-rèir coltais rinn Baggini dearmad air a' mhòr-sgeul bhith-cheimigeach ud a thathar a’ spàrradh oirnn gun sgur.

Tha còmhstri daoileactach eadar reusanachas meicnigeach agus neo-reusanachas pearsantach aig cridhe daonnachais, a-rèir Dooyeweerd:
The deepest root of its dialectical character lies in the ambiguity of the Humanistic freedom-motive. The latter is the central driving force of the modern religion of human personality. And from its own depths it calls forth the motive to dominate nature, and thus leads to a religion of autonomous objective science in which there is no room for the free personality.
(Herman Dooyeweerd, New Critique of Theoretical Thought, Presbyterian and Reformed Publishing Company, 1969, p 190)
Ged a rinn Thomas Aquinas amaladh fhèin eadar am Bìoball agus Aristotle, bha freumhan an sgaraidh Heilleanaich ri lorg fada ro Acuìnas ann an Gnòstachas aig àm sgrìobhadh an Tiomnaidh Nuaidh. Chreid na Gnòstaich gu robh an saoghal stuthail gu tur aingidh. 'S ann an aghaidh an t-saobh-chreidimh seo a sgrìobh Eòin na faclan iomraiteach ud a-thaobh Crìosd: "Agus rinneadh am Facal na fheòil" (Eòin 1:14). Thuirt Hans Rookmaaker gun tàinig ealain Càilbhineach fo bhlàth san Olaind san 17mh linn, ach ann an ùine gun a bhith fada shearg e fo bhuaidh Ghnòstachais. Chreid Rookmaaker gu robh na Piùratanaich as coireach gu ìre. Ged a bha na Piùratanaich ionmholta san fharsaingeachd, bha sgiath saoghal-seachnach aca. Ar leamsa fhèin gun tàinig Càilbhineachas na h-Alba fon aon bhuaidh seo, oir b’ e litreachas eadar-theangaichte bho na Piùratanaich Sasannach cha mhòr an t-aon rosg a bha ri fhaotainn rè ùine fhada. Gabh Dùghaill Bhochannain, mar eisimpleir. Ma leughas sinn am fèin-eachdraidh aige, ’s gann gun ionnsaich sinn càil mu a bheatha làitheil. Cha chluinn sinn, bho thòiseach gu deireadh an leabhair, ach mu staid anma:
Bha mi cho sona 's gun do ghineadh mi bho phàrantan diadhaidh sa' bhliadhna 1716, a rinn na h-uile dhìcheall a chum mo thogail suas ann an eagal an Tighearna...gu h-àraidh mo mhàthair chaomh...Ghnàthaich i mar an ceudna gach uile chùram is urrainnear a' smaointeachadh a chum mo chumail á cuideachd cloinne eile a bha air an leigeil fuasgailt' air feadh an t-saoghail le'm pàrantan, air eagal gum bithinn air mo thruailleadh le'n dubhailcean. Gidheadh cha robh na h-uile mheadhon dhiù so comasach air stad a chuir air an nàdur thruaillidh a bha an taobh a staigh dhiom.
(Dugald Buchanan: His Life and Hymns, Edinburgh, John Grant, 1898, tdd. 1-2)
bobi_jonescyn_cyd_2007_011
Bobi Jones

Ach, mar a tha sinn a’ faicinn, tha Càilbhineachas de sheòrsa eile ann, Càilbhineachas engagé, a tha a’ creidsinn gu tur ann a bhith dol an sàs anns an t-saoghal:
It is possible to consider Bobi Jones as the most important contemporary literary figure in the Welsh language. His output has been prodigious. As well as a constant stream of poetry collections, Bobi Jones has published literary criticism, linguistic studies, short stories and novels - in his adopted language of Welsh, a language he learned as a teenager in Cardiff in the 1940s. All of that writing is profoundly influenced by his evangelical Calvinism.
(Turning Tides: A Live Tradition - Recent Welsh-language Poetry. Aiste air-loidhne le Robert Minhinnick, Wales Arts International, 2008) http://www.walesliterature.org/authors.cfm?lan=e&author_id=197&switch=dsp
william_gibson_old 9782290308202
William Gibson

Ma bha sgaradh ann am beatha Dhùghaill Bhochannain eadar an saoghal corporra agus saoghal an anma, tha e glè inntinneach coimeas a dhèanamh ri beatha "Case", prìomh-charactar an leabhair Neuromancer le William Gibson. Bha Case na shàr hacair-coimpiutair. Cha do dh’fhairich e beò ach nuair a bha e ann an sàibear-fànas. Shuaip e fìorachd airson mas-fhìorachd. Ach chaidh e air iomrall:
He'd made a classic mistake, the one he'd sworn he'd never make. He stole from his employers...He still wasn't sure how he'd been discovered, not that it mattered now. He'd expected to die, then, but they only smiled....They damaged his nervous system with a wartime Russian mycotoxin...The damage was minute, subtle, and utterly effective. For Case, who'd lived for the bodiless exultation of cyberspace, it was the Fall. In the bars he'd frequented as a cowboy hotshot, the elite stance involved a certain relaxed contempt for the flesh. The body was meat. Case fell into the prison of his own flesh.
(Neuromancer, William Gibson, Ace Books, New York, 1984, tt-dd. 5,6)
Cha chreid mi nach e seòrsa de shàibear-ghnòstachas a tha siud...

Tha leabhar Gibson na eisimpleir cudromach tràth de shàibearpunc, seònra a tha freumhaichte ann an iar-mhòdranas. 'S iad filmichean sàibearpuncach a th' ann an Bladerunner agus The Matrix. Mac an duine am bog ann an teicneòlas. Cruaidh-cheistean gan togail mu dhearbh-aithne. Mu fhìorachd. Mu inntinn inneil. Saidheans a’ coimhead oirnn mar innealra fàs-bheairteach. Sàibear-fànas a’ gealltainn saorsa dhar pearsantachd. "Case fell into the prison of his own flesh". Bha bruadar teicno-ginte air a bhith mar shaoghal spioradail dhà. Mar nèamh dhà. Ach thàinig eucoir agus thuit e. Thuit e a-steach dhan phrìosan orgàno-mheicnigeach ud a sheinneas as t-earrach mar juke-box lùth-grèine. Tha The Matrix nas sgriobtaireil: na trèig an corp – cha tig saorsa gun aiseirigh.

‘Tuiteam Icarais 1’

Icaras sgitsifrìneach
sgiathan dubhdhòthte le amharas
a’ sgreuchail tro neòil èitigh na h-aigne
gu ruig lumadheirg dhomhainn nam breug

ondhreag mheitifisigeach
caoirgheal le cràdhshuathadh na bith
a’ dianthuirling tro strataispeur na h-inntinn
gun chinnt ach do bhuidealaich fhèin

fèinigs spioradail
ag èiridh à luaithre na h-inntleachd
a’ sigheadh mar leòmann cama-casi
a dh’ionnsaigh lasair neo-bhàsmhor Dhè

(“An Aghaidh na Sìorraidheachd” Polygon, Edinburgh, 1991 Deasaichte le Christopher Whyte, tt-dd 89, 90)

Quentin_Tarantino 40069_3 pulp fiction
Quentin Tarantino
A thaobh filmichean dheth, tha iar-mhòdranas ri fhaicinn cuideachd ann an plotaichean ioma-fhillteach Quentin Tarantino: Reservoir Dogs, agus (gu seachd àraid) Pulp Fiction. Thachair rudeigin, ach tha mìneachadh eadar-dhealaichte aig a h-uile duine. Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh ri na leanas bho shàr uirsgeul Gaeilge leis an sàr-sgrìobhaiche Liam Mac Cóil (agus litreachadh sean-fhàsanta ga chleachdadh aig a’ phuing seo):
Ní ar an dóigh chiadna mar soin labhras gach duine do bhí I láthair ar an ócáid chiadna ach mar do bhain dó héin is mar is cuimhin leis héin. Mar bíonn mian a mhaitheasa héin ag gach uile dhuine go meinic agus a chúram héin ar dá réir. Uime sin, mar deirim, ní mar a chéile a bhreathnaíonn an duine uasal Gaedhalach agus an maor dragúin Hanabhárach agus an fealsamhnaighe Frangcach ar na neithe seo go léir.
(Fontenoy, Liam Mac Cóil, Leabhar Breac, 2005, t-d 43)
LiamMacCoil Fontenoy copy 2
Liam Mac Cóil
Bha beàrn beag no mòr ann riamh eadar na thachair dha-rìribh agus mac-meanma an dràmadaiche. Dè cho fìor 's a tha Braveheart? No tilleamaid gu Ravelstein. Air a' chiad duilleig, tha Saul Bellow a’ dèanamh luaidh air deuchainn-cùirt Scopes. Dè cho fìor 's a tha Inherit the Wind? Thuirt na sgrìobhaichean (Jerome Lawrence agus Robert E. Lee) nach e eachdraidh a th’ann, ach na mheatafor an aghaidh McCarthyism. Adhbhar ionmholta. Ach chruthaich iad miotas. Agus a-rèir coltais nuair a tha miotas aig a' mhòr-shluagh a tha còrdadh riù cha tèid mòran cheistean a dh’fhaighneachd.

portrait Gillanders 1_small
Calum Colvin
colvin-calum13ossian
Tha eisimpleir eile de iar-mhòdranas cuideachail againn ann an obair an ealantair Albannaich Calum Colvin. Rinn Colvin sreath de dhealbhan le Oisein mar chuspair. Eil fhios agad carson? A-chionns gu robh uimhir de chonnspaid ann mu sgrìobhaidhean Sheumais Mhic a' Phearsain. Sgrìobhaidhean aig an robh buaidh mhòr air fèin-shealladh Alba, agus sealladh muinntir Eòrpa air Alba. Tha catalog dà-chànanach an taisbeanaidh seo ag innse dhuinn:
Tha cuspair na h-ùghdarrasachd aig cridhe an trusaidh ùir obrach aig Calum Colvin, a thug a thiotal, Oisein: Bloighean de Sheann Bhàrdachd, air iasad bho MacMhuirich. Am measg nan cuspairean aig Colvin tha ùghdarrasachd na h-eachdraidh. Ciamar a ghabhas uirsgeul eachdraidheil a dhealachadh ri fìrinn eachdraidheil? Ciamar a tha fios againn an e guth ùghdarrasach no meallsgrìobhadh litreachail a tha sinn a' leughadh? Ciamar a tha fios againn an e rud fìrinneach no foill a th'ann an obair ealain? Tha Calum Colvin air aonan den luchd-ealain as innleachdaiche ùr-ghnàths a tha ag obair ann an Alba an-diugh. Tha an dòigh obrach aige pailmseisteach... (Oisein: Bloighean de Sheann Bhàrdachd, Galaraidh Nàiseanta Albannach nan Dealbhan Daoine, Dùn Èideann, 2003. Bun-teacs Beurla le Tom Normand)
"Pailmseisteach". Deagh fhacal. Sgrìobhadh ceilte fo sgrìobhadh. Ciall ceilte fo chèill. Ravelstein. Sgrìobh Saul Bellow an leabhar seo mar chuimhne air a charaid Allan Bloom nach maireann. Bha Bloom ("Ravelstein") na Ollamh Feallsanachd aig Oilthigh Chicago, agus ùghdar an leabhair chonnspaidich 'The Closing of the American Mind' (rinn Bellow an ro-ràdh).
dona450 images
Allan Bloom
Bha Bloom na sgoilear clasaigeach agus na eadar-theangaiche de Phlato. Bha agus a thidsear-sa Leo Strauss ("Davarr" aig Bellow). Bha Strauss gu mòr fo bhuaidh a thidseir fhèin, Martin Heidegger: "Nothing made a greater impact on Strauss than Heidegger's manner of studying a text" (Shadia Drury, Leo Strauss and the American Right, Palgrave Macmillan 1997, t-d 77). Bha Irving Kristol, athair neoconachas riaghaltas George W. Bush, na dheisciobal eile de Strauss. Bha agus Paul Wolfowitz. Chreid Strauss gu robh teacsaichean nam feallsanach clasaigeach sgrìobhte gu bhith air an tuigsinn air dà ìre. Teachdaireachd fhollaiseach ("exoteric") dhan ghnàth-leughadair. Teachdaireachd cheilte ("esoteric") dha eòlaichean an taobh a-staigh. Tha Shadia B. Drury (Cathair Rannsachaidh Canada airson Ceartais Shòisealta, Oilthigh Regina, Saskatchewan) ag ràdh:
Bellow accurately reports what appear to be contradictions in Bloom's thought. But he has no idea that the contradictions he has observed are easily resolved by the duplicitous nature of the esoteric philosophy. There is one truth for the few, another for the many. One standard for others and a different standard for the supermen – moral truths for the many and nihilism for the few; religion for the many and philosophy for the few…For Bloom, as for Strauss, the role of the philosopher is to spin lies that are supposedly salutary for the masses... What kind of politics does this sort of duplicity suggest? In my view, it is the basis of postmodern politics – a politics that dispenses with truth.
(Shadia Drury,"Gurus of the Right") http://www.arts.uregina.ca/dbfm_send/404
Canaidh cuid gu bheil breugan cho sean ro poilitigs co-dhiù. Nach d'fhaighnich Pilat fhèin, "Ciod i an fhìrinn?". Ach is e puing Drury gun tug Strauss stèidh fheallsanachail agus dhligheach do bhreugan ann am poilitigs an là 'n diugh:
"Leo Strauss was a great believer in the efficacy and usefulness of lies in politics. Public support for the Iraq war rested on lies about Iraq posing an imminent threat to the United States – the business about weapons of mass destruction and a fictitious alliance between al-Qaida and the Iraqi regime. Now that the lies have been exposed, Paul Wolfowitz and others in the war party are denying that these were the real reasons for the war."
(Shadia Drury, "Noble Lies And Perpetual War: Leo Strauss, The Neo-Cons, And Iraq") http://www.informationclearinghouse.info/article5010.htm
leostrauss
Leo Strauss
* * *
“Èist!”, thuirt Vladimir. “Shaoil mi gum b’esan”.
“Pah!”, arsa Estragon. “A’ ghaoth san luachair.”

Ann an seagh, bha an dithis bhodach ceart. Oir bho thaobh an Abstol Phòil, tha a’ chruitheachd gu lèir a’ toirt a’ Chruithir far comhair. Ann an Dia tha sinn beò, agus a’ gluasad agus tha ar bith againn. Ri linn seo tha smaointear Càilbhineach eile, Cornelius Van Til (1895-1987), gar stiùireadh dhan Trianaid mar an aon drochaid thar a’ bheàirn:
The ontological Trinity will be our interpretative concept everywhere. God is our concrete universal; in Him thought and being are coterminous, In Him the problem of knowledge is solved. If we begin thus with the ontological Trinity as our concrete universal, we frankly differ from every school of philosophy and from every school of science not merely in our conclusions, but in our starting-point and in our method as well. For us the facts are what they are, and the universals are what they are, because of their common dependence on the ontological Trinity. Thus the facts are correlative to the universals. Because of this correlativity, there is genuine progress in history; because of it the Moment has significance.
(Cornelius Van Til, Common Grace and the Gospel, Presbyterian and Reformed Publishing Company, Phillipsburg, New Jersey, 1972, t-d. 64)
vt
Cornelius Van Til
"The Moment has significance". Cùram mo chridhe. ‘S toigh leam bàrdachd a churas cuideam air a’ mhòmaid. Mar a’ bhàrdachd seo le manach Ceilteach:

Fogur gaíthe
fri fid flescach,
forglas néol;
essa aba;
esnad ala:
álainn céol.
10 (Gun urra, 9mh linn, Early Irish Lyrics, Deasaichte le Gerard Murphy, Oxford University Press, 1977, t-d 16)

Mar a’ haiku seo le Matsuo Basho (1644-94):

A thaobh a' hibioscais
an tac an rathaid -
dh'ith m'each e.

No haiku le Jack Kerouac fhèin:

Missing a kick
at the icebox door
It closed anyway.
(Jack Kerouac, Book of Haikus, Deasaichte le Regina Weinreich, Penguin USA, 2003)

Tha an "kick" a tha seo a' toirt dham inntinn rud a thuirt Bruce Lee. Nuair a bha e na bhalach, cha robh ann am breab ach breab. Mar theòiricear proifeiseanta an fhearais-còmhraig, rinn e ainilis gun abhsadh air a' bhreab. Gu h-obann, là a bha seo, cha robh ann am breab a-rithist ach breab. Gu h-inntinneach, tha Herman Dooyeweerd gar toirt dhan an aon àite. As dèidh ar beachd-smaoineachaidh uile, ars esan, feumaidh sinn tilleadh dhan t-saoghal nitheil. Oir tha Dia nitheil. Agus nì imfhios ar stiùireadh:

Bha uair ann
a chuir e dragh orm
nan rachadh mo cheann greis
gun smaoin na bhroinn.

Bha feagal orm
nach robh seo glic.
Is fhada bhon uairsin.
Is e mo strì a-nis

an ruaig a chur air
smaointean tuilleadh 's casta.
A bhith fàgail an-dè
's a-màireach dhoib’ fhèin

mar phìosan sreang tro-chèile.
Is fhèarr leam gu mòr a-nis
a bhith beantainn nam inntinn
ris a' chreig lom a tha nam làthair.

A bhith ag èisteachd ri monmhar
an uillt shneachdaidh ud
's ri deasbad cian nan gèadh
sa lochan thall.

Gun smaoin.
Gun mhìneachadh.
Mo cheann na thobhta.
Fosgailte ris na seachd siantan.


Fearghas MacFhionnlaigh 24 An t-Samhain 2008

koson_duck_moon_2
Koson (Seapanach)
____________________________________________________________
1 Tha eagal a’ bhais a’ cur iomagain orm

2 Sluagh a chailleas fhaclan, cha ghabh a thuigsinn tuilleadh le duine sam bith

3 Agus gu mì-fhortanach cha tuig iad tuilleadh iadsan fhèin”

4 Dhar taobh-ne, (Franco-)Canèideanaich, chan e dìreach dòigh-beatha a th’ann an labhairt na Fraingis ach dòigh mairsinn beò

5
“Ann am mìos an Dàmhair 1935, thàinig càr bhon Iar, bho Denver, air an t-slighe gu New York. Am broinn a’ chàir bha Dean Pomeroy, na dhrungair; Dean Pomeroy Jr. a mhac beag/ ogha de 9 bliadhna dh’aois agus Rolfe Glendiver, a dhalta, 24. ‘S e sean Model T Ford a b’ann, sùilean an triùir aca a’ geur-amharc air an rathad air an oidhche tron windshield.”

6 “Is cuimhne leam”. Tha sluagh-ghairm Québec ag ràdh.
“Dh’fhaighnich mi de chuideigin dè an cuimhne air an robh e a-mach.
“Ionnsaigh nan Sasannach.”
Mo chreach-sa thàinig! Cò fhathast a tha gabhail dragh de na Sasannaich?
Ma bha e gu diofar dhòmhsa na rinn na Sasannaich, bhithinn fhathast shuas a sin, san t-Seann Dùthaich, ag altram mo ghearanan agus a’ sgrìobhadh bàrdachd fada poilitigeach ann an cànan mo shinnsearan.
Agus merde! Chan urrainn dhut fuireach nad Albannach fad do bheatha. Feumaidh tu fàs fiosrach air do shloc fhàgail, dol am measg an t-saoghail.

7 Sealladh-saoghail/ Sealladh-beatha

8 "Thug an t-Ath-Bheòthachadh gu buil trì paradocsan: b’e gluasad indibhidealach a lean ri meall-chomann; b’e gluasad nàdarrachail a lean dhan inneal; b’e daonnachas a chrìochnaich ann an dì-dhaonnachadh."
(Ernesto Sábato, El Escritor y sus Fantasmas, Aguilar Argentina, Buenos Aires, 1971, td 55)

9 Vladimir. Èist!
Estragon. Chan eil mi cluinntinn càil.
Vladimir. Ist!
Estragon. Chuir thu feagal orm.
Vladimir. Shaoil mi gum b’ esan.
Estragon. Cò?
Vladimir. Godot.
Estragon. Pah! A’ ghaoth san luachair.10 Guth gaoithe
trìd fiodh barrach,
neòil ghlasa;
easan aibhne;
òran cloiche:
ceòl àlainn

Tùsan
Fearghas MacFhionnlaigh, Iolair, Bhùdhearg, Giuthas, Oilthigh Ghlaschu, 1991, t-d 1

Micheal Newton, Bho Chluaidh gu Calasraid, Acair, 1999, t-d 44


George Orwell, Nineteen Eighty-Four, Harmondsworth, 1968, pp. 241-2

Gore Vidal,The Guardian 24 Cèitean 2008

George Steiner, Language and Silence, Faber and Faber, 1985

William Dunbar, "Lament for the Makaris: Quhen He Wes Sek", Poems of William Dunbar, Faber, 1970, t-d 20

Brian Friel, Translations, Faber and Faber, 1981

An Guth 5, deas. le Rody Gorman, 2008, t-d 95

Jack Kerouak, Sur le Chemin :
http://www.ledevoir.com/2008/09/04/203916.html
Kenneth White, La Route Bleue, Grasset, Le Livre de Poche, 1983, td 15
Fearghas MacFhionnlaigh, A’ Mheanbhchuileag, Gairm, 1980, t-d 7
Fearghas MacFhionnlaigh, Bogha-frois san Oidhche, Handsel Press, Carberry, 1997, t-d 42

Hans Rookmaaker, Modern Art and the Death of a Culture, Intervarsity Press, 1970, td 117

Samuel Beckett, En Attendant Godot, Deasaichte le Colin Duckworth, Foillsichte le George G. Harrap & Co Ltd, 1966, tt-dd 13,14

Zen Flesh Zen Bones, Compiled by Paul Reps, Arkana Penguin Books, 1991, t-d 71

Herman J Pietersen, The Philosophy of Robert M Pirsig: http://www.philosophos.com/philosophy_article_118.html

Ernesto Sábato, El Escritor y sus Fantasmas, Aguilar Argentina, Buenos Aires, 1971, t-d 55

Julian Baggini, "Life’s what you make it in the not-so-grand scheme of things" ,The Herald, 21 Màirt 2008

Herman Dooyeweerd, New Critique of Theoretical Thought, Presbyterian and Reformed Publishing Company, 1969, p 190

Dugald Buchanan: His Life and Hymns, Edinburgh, John Grant, 1898, tdd. 1-2

Robert Minhinnick, Turning Tides: A Live Tradition - Recent Welsh-language Poetry, Wales Arts International, 2008 : http://www.wai.org.uk/index.cfm?UUID=285C1228-65BF-7E43-30B75C6649E958F8

William Gibson, Neuromancer, Ace Books, New York, 1984, tt-dd. 5,6

“An Aghaidh na Sìorraidheachd” Polygon, Edinburgh, 1991, Deasaichte le Christopher Whyte, tt-dd 89, 90

Liam Mac Cóil, Fontenoy, Leabhar Breac, 2005, t-d 43

Tom Normand, Oisein: Bloighean de Sheann Bhàrdachd, Galaraidh Nàiseanta Albannach nan Dealbhan Daoine, Dùn Èideann, 2003

Shadia Drury, Leo Strauss and the American Right, Palgrave Macmillan 1997, t-d 77Shadia Drury,"Gurus of the Right": http://www.arts.uregina.ca/dbfm_send/404

Shadia Drury, "Noble Lies And Perpetual War: Leo Strauss, The Neo-Cons, And Iraq": http://www.informationclearinghouse.info/article5010.htm

Cornelius Van Til, Common Grace and the Gospel, Presbyterian and Reformed Publishing Company, Phillipsburg, New Jersey, 1972, t-d. 64

Early Irish Lyrics, Deasaichte le Gerard Murphy, Oxford University Press, 1977, t-d 16

Jack Kerouac, Book of Haikus, Deasaichte le Regina Weinreich, Penguin USA, 2003